| Chapter 9 |
1 | Is thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gu bheil cuid dhiu-san, a tha `nan seasamh an so, nach blais bas, gus am faic iad rioghachd Dhe a tighinn an cumhachd. |
2 | Agus an deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, is Seumas, agus Eoin; is threoraich e iadsan leo fhein gu beinn aird a lethtaobh, agus dh` atharraicheadh a chruth `nan lathair. |
3 | Agus dh` fhas eideadh dealrach is ro-gheal mar shneachda, geal mar nach urrainn fucadair air talamh a dhianamh. |
4 | Is chunnacas leo Elias agus Maois; agus bha iad a bruidhinn ri Iosa. |
5 | Agus Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Rabbi, is math dhuinne a bhith an so; agus dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, `sa h-aon do Elias. |
6 | Oir cha robh fios aige ciod a bha e ag radh; chionn `s gun robh iad fo fhiamh ro-mhor. |
7 | Agus bha nial a cur sgaile orra, agus as an nial thainig guth, ag radh: Se so mo Mhac ro-ghaolach; eisdibh ris. |
8 | `S ag amharc san uair mun cuairt orra, chan fhac iad duine, ach Iosa na aonar maille riutha. |
9 | `Sa tearnadh bhon bheinn, dh` aithn e orra, gun iad a dh` innse do neach sam bith nan nithean a chunnaic iad, gus an eireadh Mac an duine bho na mairbh. |
10 | Is gleidh iad am facal aca fhein, a cur cheisd air a cheile, de bha, gus an eireadh e bho na mairbh, a ciallachadh. |
11 | Agus dh`fharraid iad dheth, ag radh: Carson ma ta tha na Phairisich `s na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseachd? |
12 | Thuirt e riutha, `s e freagairt: Tha Elias ri tighinn an toiseachd, agus ath-shuidhichidh e a h-uile ni; is mar tha e sgriobhte mu Mhac an duine, gum fuilig e moran, `s gum faigh e taire. |
13 | Ach tha mi ag radh ribh, gun tainig Elias, (`s gun d` rinn iad air gach ni b` aill leo) mar tha sgriobhte mu dheidhinn. |
14 | `Sa tighinn gu dheisciopuil, chunnaic e moran sluaigh mun timcheall, `s na Sgriobhaich a deaspud riutha. |
15 | `S cha luaithe chunnaic an sluagh uile Iosa, na ghlac ioghnadh agus uamhas iad, sa ruith ga ionnsuidh chuir iad failt` air. |
16 | Agus dh` fhaighnich e dhiu: Ciod mu bheil sibh a consachadh ri cheile? |
17 | Is fhreagair fear den t-sluagh, ag radh: A mhaighistir, thug mi gad ionnsuidh mo mhac anns a bheil spiorad balbh. |
18 | Agus, ge be aite an glac e e, tha e ga bhualadh ri lar, agus tha e cur a mach cobhair, `sa diosgail le fhiaclan, sa seargadh as: is thuirt mi rid dheisciopuil iad a thilgeadh a mach, agus cha b` urrainn dhaibh. |
19 | `Sa freagairt thuirt e: O ghinealaich ana-creidich, De cho fad sa bhitheas mi maille ribh? De cho fad sa chuireas mi suas ribh? thugaibh gam ionnsuidh e. |
20 | Agus thug iad e ga ionnsuidh. Agus cha luaithe chunnaic e Iosa, na ghluais an spiorad e; is bhuaileadh e ris an lar, agus chuir e caran dheth is cop mu bhial. |
21 | Is dh` fhaighnich e dhe athair: De cho fad bho na thachair so dha? Is thuirt esan: Bho na bha e `na leanabh. |
22 | Agus is tric a thilg e san teine is anns an uisge e, gu cur as dha: ach ma tha ni sam bith nad chomas, gabh truas ruinn agus cuidich sinn. |
23 | Is thuirt Iosa ris: Ma `s urrainn dhut creidsinn! is comasach a h-uile ni don chreideach. |
24 | Agus athair a ghille a glaodhach san uair, thuirt e le deoir: Tha mi creidsinn, a Thighearna: cuidich m` ana-creideamh. |
25 | Is nuair a chunnaic Iosa an sluagh a ruith cuideachd, mhaoidh e air an spiorad neoghlan, a cantuinn ris: A spioraid bhodhair agus bhailbh tha mi ag aithneadh ort, theirig a mach as `s na rach a stigh ann tuilleadh. |
26 | Agus chaidh e mach as, ag eigheach, `s ga riabadh gu goirt: agus dh`fhas e coltach ri duine marbh, air chor `s gun robh moran ag radh: Tha e marbh. |
27 | Ach Iosa a breith air laimh air, thog e e, agus dh` eirich e. |
28 | `S nuair chaidh e stigh dhan tigh, dh` fharraid a dheisciopuil dheth, `s iad leo fhein: Carson nach b` urrainn dhuinn a thilgeadh a mach? |
29 | Is thuirt e riutha: Chan urrainn don t-seorsa so an tilgeadh a mach air sheol sam bith, ach le urnaigh `s le traisg. |
30 | `Sa falbh as a sin, chaidh iad troimh Ghalile; `s cha b` aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air an so. |
31 | Oir bha e teagasg a dheisciopul, `s ag radh riutha: Gun rachadh Mac an duine liubhairt seachad do lamhan dhaoine, `s gum marbhadh iad e, `s an deigh a mharbhadh, gun eireadh e rithist air an treas latha. |
32 | Ach cha do thuig iadsan am facal; agus bha sgath orra fharraid dheth. |
33 | Is thainig iad gu Capharnaum. `S nuair a bha iad san tigh, dh` fhaighnich e dhiu: De an deaspud a bh`agaibh air an rathad? |
34 | Ach bha iadsan samhach: oir air an rathad bha iad a consachadh eatorra fhein, co dhiu bu mhua bhiodh. |
35 | `Sa suidhe, ghairm e na dha dhiag, is thuirt e riutha: Ma tha toil aig fear sam bith a bhith air thoiseach, bithidh e air dheireadh orra uile, agus `na sheirbhiseach dhaibh uile. |
36 | `Sa breith air leanabh, chuir e `nam miadhon e ; `s an deigh a ghlacadh `na uchd, thuirt e riutha: |
37 | Co sam bith ghabhas ri leanabh den leithidean so nam ainmsa, tha e gabhail riumsa; agus co sam bith ghabhas riumsa, chan ann riumsa tha e gabhail, ach ris-san a chuir mi. |
38 | Agus fhreagair Eoin e, ag radh: A Mhaighistir, chunnaic sinn duine araid, nach eile gar leantuinn-ne, a tilgeadh a mach dheomhan na d` ainmsa, agus bhac sinn e. |
39 | Agus thuirt Iosa: Na bacaibh e: oir chan eil aon sam bith, a ni miarailt nam ainmsa, a `s urrainn gu h-ealamh labhairt gu h-olc nam aghaidh: |
40 | Oir an neach nach eil nur n-aghaidh, tha e leibh. |
41 | Oir co sam bith a bheir dhuibh ri ol cupan uisge nam ainmsa, a chionn`s gur le Criosda sibh: gu firinneach tha mi ag radh ribh: cha chaill e dhuais. |
42 | Agus co sam bith bheir sgainneal do h-aon den fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, b` fhearr dha clach mhuilinn a bhith crochte mu amhaich, `sa bhith air a thilgeil sa mhuir. |
43 | `S ma bheir do lamh sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethlaimh, na dhol le da laimh a dh` iutharna gu teine nach smalar: |
44 | Far nach basaich a chnuimh aca, `s nach smalar an teine. |
45 | Agus ma bheir do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethchois, na do thilgeadh le da chois a dh` iutharna gu teine nach tig as: |
46 | Far nach basaich a chnuimh aca, `s nach smalar an teine. |
47 | Agus ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i: `s fhearr dhut a dhol a stigh do rioghachd Dhe le aon shuil, na do thilgeadh led dha shuil ann an teine iutharna: |
48 | Far nach basaich a chruimh aca, `S nach smalar an teine. |
49 | Oir saillear gach aon le teine, is saillear gach iobairt le salann. |
50 | Tha salann math: ach ma dh` fhasas an salann neo-bhlasda, co leis a ni sibh blasda e? Biodh salann agaibh unnaibh, agus biodh sith agaibh eadaraibh fhein. |