| Chapter 10 |
1 | `S ag eirigh as a sin, thainig e gu criochan Iuda air taobh thall Iordain; agus chruinnich sluagh a rithist ga ionnsuidh; agus mar a b` abhuist dha, theagaisg e rithist iad. |
2 | `S na Phairisich a tighinn ga ionnsuidh, dh` fharraid iad dheth: Bheil e laghail do dhuine a bhean a chur air falbh? `s iad ga bhuaireadh. |
3 | Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Ciod a dh` aithn Maois oirbh? |
4 | Thuirt iad: Thug Maois cead litir-dhealachaidh a sgriobhadh, `s a cur air falbh. |
5 | Thuirt Iosa gam freagairt : `S ann air son cruas ur cridhe a sgriobh e dhuibh an reachd so. |
6 | Ach bho thus a chruthachaidh rinn Dia iad firionn is boirionn. |
7 | Air son so fagaidh duine athair agus a mhathair, is dluth-leanaidh e ri mhnaoi; |
8 | Agus bithidh an dithis nan aon fheoil. As leth sin cha dithis iad a nis, ach aon fheoil. |
9 | An ni ma ta a cheangail Dia, na fuasgladh duine. |
10 | Agus anns an tigh chuir a dheisciopuil ceisd air a rithist mun ni chiadna. |
11 | Is thuirt e riutha: Co sam bith a chuireas air falbh a bhean, `sa phosas te eile, tha e dianamh adhaltrais na h-aghaidh. |
12 | `S ma chuireas bean air falbh a fear, `s fear eile phosadh, tha i dianamh adhaltrais. |
13 | Agus thug iad clann bheag ga ionnsuidh, los gum beanadh e dhaibh. Is bha na deisciopuil a maoitheadh air an fheadhainn a bha gan toirt uige. |
14 | Nuair a chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, is thuirt e riutha: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidh, agus na bacaibh iad: `s gur ann dhan leithidean a bhuineas rioghachd Dhe: |
15 | Gu deimhinn tha mi gradh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach teid e a stigh innte. |
16 | Is ghlac e `na uchd iad, `s a cur a lamhan orra, bheannaich e iad. |
17 | `S nuair a dh` fhalbh e mach air a thurus, thainig duine araid `na ruith, `sa dol air a ghluinean air a bhialaobh, dh` fharraid e dheth, ag radh: A Mhaighistir mhath, ciod a ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh? |
18 | Is thuirt Iosa ris: Carson a tha thu cantuinn math riumsa? chan eil aon sam bith math, ach Dia `na aonar. |
19 | Is aithne dhut na faintean: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige : Na dian mealltaireachd. Thoir onair dhad athair is dhad mhathair. |
20 | Ach esan a freagairt, thuirt e ris: A Mhaighistir, iad sin uile chum mi bhom oige. |
21 | Agus Iosa ag amharc air, thug e gaol dha, is thuirt e ris: Tha aon ni a dhith ort: falbh, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan e, agus bithidh iuntas agad am flathanas; is thig, lean mise. |
22 | Ach bha duilichinn airesan as leth an fhacail, is dh` fhalbh e gu tuirseach: oir bu duine e aig an robh moran beairteis. |
23 | Agus Iosa a coimhead mun cuairt air, thuirt e ri dheisciopuil: Nach duilich do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe! |
24 | Is ghabh a dheisciopuil ioghnadh a bhriathran. Ach Iosa freagairt a rithist, thuirt e riutha: A chlann bheag, nach duilich dhaibhsan, a chuireas uidh am beartas, dhol a stigh do rioghachd Dhe! |
25 | Is fhasa do chamhal dhol tro chno snathaid, na do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe. |
26 | Is ghabh iad am barrachd ioghnaidh, ag radh ri cheile: Agus co is urrainn a bhith sabhailte? |
27 | Agus thuirt Iosa, `s e ag amharc orra: Tha so do-dhiante do dhaoine, ach chan eil do Dhia: oir tha a h-uile ni an comas Dhe. |
28 | Agus thoisich Peadar ri radh ris : Seall, dh` fhag sinn a h-uile ni, agus lean sinn thu. |
29 | Is thuirt Iosa, `s e freagairt: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh: chan eil neach sam bith a dh` fhagas tigh, no braithrean, no peathraichean, no athair, no mathair, no clann, no fearann, as mo lethsa, agus as leth an t-soisgeil, |
30 | Nach fhaigh a chiad urad a nis san tim so fhein, tighean, agus braithrean, is peathraichean, is mathraichean, is clann, is fearann, am measg geur- leanmhuinn, agus a bheatha shiorruidh san ath shaoghal. |
31 | Ach tha moran air thoiseach a bhitheas air dheireadh, `s air dheireadh a bhitheas air thoiseach. |
32 | Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dh` imich Iosa rompa, is bha ioghnadh orra; is bha eagal orrasan a bha ga leantuinn. Agus ghabh e rithist na dha dhiag, agus thoisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha. |
33 | Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine do na h-ard-shagairt, `s do na Sgriobhaich, `s do na seanairean, agus ditidh iad e gu bas, agus bheir iad seachad do na cinnich e; |
34 | Is ni iad fanaid air, agus caithidh iad smugaidean air, agus sgiursaidh iad e; agus marbhaidh iad e, agus eiridh e air an treas latha. |
35 | Is thainig Seumas agus Eoin, mic Shebede, ga ionnsuidh, ag radh: A Mhaighistir, is aill leinn gun dian thu dhuinn ni sam bith a dh` iarras sinn. |
36 | Ach thuirt esan riutha: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh? |
37 | Is thuirt iad: Deonaich dhuinn gun suidh sinn, fear againn air do laimh dheis `s am fear eile air do laimh chli, nad ghloir. |
38 | Is thuirt Iosa riutha: Chan eil fhios agaibh de tha sibh ag iarraidh. An urrainn dhuibh a chailis ol, a tha mise dol a dhol, no bhith air ur baisteadh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh? |
39 | Is thuirt iad ris: Is urrainn dhuinn. Is thuirt Iosa riutha: Olaidh sibh gu dearbh a chailis, a tha mise dol a dh` ol; agus baistear sibh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh |
40 | Ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gu thoirt dhuibh, ach dhaibhsan dhan deach uimheamachadh. |
41 | Is nuair a chuala an deichnar so, thoisich iad ri bhith diumbach de Sheumas `s de Eoin. |
42 | Ach Iosa gan gairm, thuirt e riutha: Is aithne dhuibh gum bheil acasan, air a bheileas a coimhead mar riaghladairean air na cinnich, ard-thighearnas orra, `s gum bheil cumhachd aig am prionnsaichean thairis orra. |
43 | Ach chan ann mar sin a bhios nar measgsa: ach co sam bith leis am miann a bhith air thoiseach `nur measg, bithidh e `na fhear frithealaidh dhuibh. |
44 | Is co sam bith leis an aill a bhith air thoiseach `nur measg, bithidh e `na sheirbhiseach agaibh uile. |
45 | Oir cha tainig Mac an duine e fhein los gun diante frithealadh dha, ach gu frithealadh, `s gus a bheatha leigeil sios `na h-eirig air son mhorain. |
46 | Agus rainig iad Iericho; `s nuair bha esan `sa dheisciopuil agus cuideachda ro-mhor a falbh, bh` an dall Bartimeus, mac Thimeiuis `na shuidhe ri taobh an rathaid, ag iarraidh deirce. |
47 | `S nuair chuala e gur e Iosa bho Nasareth a bh`ann, thoisich e ri glaodhach `s ri radh: Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm. |
48 | Is mhaoith moran air, fiach am biodh e samhach. Ach `sann bu mhua gu mor a ghlaodh e: A Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm. |
49 | Agus sheas Iosa, is dh` orduich e a ghairm. Agus ghairm iad an dall, a cantuinn ris: Biodh misneachd agad: eirich, tha e gad iarraidh. |
50 | `Sa tilgeadh bhuaithe fhalluinne, thainig e `na leum ga ionnsuidh. |
51 | Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Is thuirt an dall ris : A Rabboni, gum faic mi. |
52 | Is thuirt Iosa ris: Falbh, rinn do chreideamh slan thu. Agus sa cheart uair chunnaic e, is lean e e air an t-slighe. |